‘Seachdain Ionnsachaidh’
Aig àm na Càisg 2010, tha Stòras Uibhist a’ tabhann cothrom air leth do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, Seachdain Ionnsachaidh a chur seachad ann an Uibhist a Deas gus an cuid Gàidhlig a thoirt air adhart troimh bhogadh sa chànain.
Thèid an t-seachdain a chumail ann an Loidse na h-Oighreachd ann an Gròigearaidh, le biadh agus àite-fuirich mar phàirt den t-seachdain. Gach madainn bidh leasan Gàidhlig ann, agus air an fheasgar bidh cur-seachadan air an cur air dòigh air an lìbhrigeadh tron Ghàidhlig mar choiseachd air na cnuic ’s air a’ mhachaire agus cuairt dhan taigh-tasgaidh. Bidh bana-bhàrd às an sgire ag innse mu beatha fhèin agus gar toirt air turas gu taobh-an-ear Bheinn na Faoghla. Ma cheadaicheas an t-sìde thèid sinn air turas a Mhiùghlaidh, eilean aig ceann a-deas na h-Eileanan-an-Iar a dh’fhanas nur cuimhne. Bidh spòrs gu leòr ann air an oidhche le dannsa traidiseanta, òrain, cèilidhean agus ceòl. Mar sin bheiribh leibh ar n-ionnstramaidean!
‘S e cothrom air leth a tha seo do luchd-ionnsachaidh aig ìre eadar-mheadhanach bogadh fhaighinn ann an dualachas nan eilean agus a’ Ghàidhlig aca a leasachadh. Faodaidh iad an uair sin a toirt beò ann an suidheachadh nàdarra ann an togalach a tha an dà chuid eachdraidheil agus èireachdail.
Bidh am prògram a’ ruith bho 10 uairean madainn Diluain 5mh dhen Ghiblean, leis a h-uile duine a fagail madainn Disathairne 10mh Giblean.
Airson tuilleadh fiorsachaidh thèid gu www.storasuibhist.com/gaelic-week no cuiribh fios gu Deirdre NicEachainn air 01878 700101 no air post-dealain deirdre.maceachen@storasuibhist.com
Gaidhlig Learning Week
During Eastertime 2010 Stòras Uibhist are offering a unique opportunity to Gàidhlig learners to spend a ‘Learning Week’ in South Uist and its surrounding communities, enhancing and developing their use of Gàidhlig through a total immersion programme.
The Learning Week will be based at the exclusive Grogarry Lodge (www.grogarrylodge.com) on an all inclusive basis. The week will take the format of interactive tuition in the mornings, followed by a wide
range of culturally based activities related to the learning sessions including hill / machair walks, museum and cultural tours, an autobiographical presentation by a local bard, fishing and weather permitting, an exciting and thoroughly memorable boat trip to the second most southerly island of the Western Isles; Mingulay. Evening entertainment will encompass a range of opportunities to see, hear and take part in traditional dancing, song, ceilidhs and music sessions – so bring your instruments!
This is an exceptional opportunity for learners at an intermediate level to experience Hebridean culture and apply their Gaelic in an informal atmosphere in the homeland of the Gaels within the exquisite and historical island setting of a traditional Estate lodge. T
The programme will run from 10am Monday the 5th April 2010 with departures on Saturday morning, 10th April 2010.
For further details please go to www.storasuibhist.com/gaelic-week or contact Deirdre MacEachen on 01878 700101 or e-mail deirdre.maceachen@storasuibhist.com